Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Tha sinn air co-obrachadh le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig gus cuid de na geamannan ionnsachaidh mòr-chòrdte againn a chur gu Gàidhlig, a tha gan dèanamh air leth freagarrach do Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha na goireasan eadar-obrachail seo air an dealbh airson taic a chur ri togail cànain agus sgilean àireamhachd ann an dòigh spòrsail, tharraingeach.
Ball-basgaid Luach Àite
Geama spòrsail le blocaichean bonn deich, air tèama ball-basgaid, a chuidicheas clann le tuigsinn dè tha gach figear ann an àireamhan dà-fhigear no trì-figearan a’ riochdachadh.
A’ cur ann an òrdugh le Burras
Geama sùbailte airson àireamhan a chur ann an òrdugh agus ann an sreathan. Tha farsaingeachd ìrean ann, mar eisimpleir, a’ chiad còig àireamhan, agus àireamhan suas gu 1000, a chur ann an òrdugh, air ais agus air adhart, agus àireamhan àicheil agus deicheach. Tha ìrean cur ann an sreathan a’ gabhail a-steach iomadan agus a’ cunntadh ann an ceumannan suas gu deich.
Uilebheistean Chumaidhean
Ciad sùil spòrsail air cumaidhean 2sh do chlann òg. Feumaidh iad na h-uilebheistean a bhiathadh leis na cumaidhean ceart, agus an uair sin canaidh na h-uilebheistean ainm a’ chumaidh a dh’ìth iad. ’S iad na cumaidhean cearcall, ceart-cheàrnach, ceàrnag agus triantan.
A’ tomhas ann an ceudameatairean
Geama tomhais a chuidicheas le mar a chleachdar rùilear cheudameatairean. A’ tomhas diofar rudan ris an rùilear. Tha dà ìre ann – tomhasan le àireamhan slàn agus tomhasan le leth-cheudameatairean a’ cleachdadh comharradh deicheach.
Peant na Ceàrnagan
Coimhead air pàtrain àireamhan le Peant na Ceàrnagan, goireas eadar-ghnìomhach a leigeas le clann ceàrnagan a pheantadh air diofar chlàran àireamhan a ghabhas rèiteachadh. Nam measg sin tha ceàrnag ceud àbhaisteach a bheir barrachd tuigse air àireamhan còrr agus cothrom, iomadan, àireamhan àicheil, deicheadan is eile.
Cur-ris Ròbot
Tha Cur-ris Ròbot na ghèam ioma-roghnach cur-ris do chlann eadar 5 agus 7. Tha trì modhan anns a’ ghèam - cur-ris gu10, 15 no 20. Faodar a chluich le, no gun, taic bho loidhne-àireamhan.
Cnò-chòco ann an òrdugh
Dèan coimeas air diofar àireamhan agus cuir iad ann an òrdugh, nam measg àireamhan deicheach agus uireadan meatrach le faid, tomad, comas-lìonaidh agus airgead. A’ gabhail a-steach airgead na RA, Iùro agus Dolairean.
An Cloc Teagaisg
’S e goireas teagaisg a ghabhas cleachdaadh ann an iomadh dòigh a th’ anns a’ Chloc Teagaisg. Leigidh e le clann an uair ionnsachadh ann an cruthan analog agus didseatach. Faodar coimhead air na clocaichean didseatach ann an riochd 12u neo 24u.
