A’ tomhas ann an ceudameatairean
1
Còd QR
Sgan seo le fòn no tablaid airson an làrach-lìn fhosgladh gu luath
Geama tomhais do chlann 5 gu 9 bliadhna a dh’aois. Tha an geama a’ toirt ciad-sùil don chloinn air mar a chleachdas iad rùilear. Tha e ag obrachadh gu math air bòrd-geal eadar-ghnìomhail far am faod an tidsear sealltainn mar a chuireas tu nithean aig toiseach na sgèile seach aig a’ cheann eile den rùilear.
Tha dà ìre ann; tha àireamhan slàn de cheudameatairean sa chiad ìre agus measgachadh san dàrna ìre le àireamhan slàn agus lethean. Tha an geama cuideachd math airson ciad-sùil air leughadh sgèilichean.
- Aois
- 5-9 bliadhna
- Cuspairean
- Matamataig Tomhasan
